Corra Smuain

Beachdan air na tha a' tachairt anns an t-saoghal.

Tuesday, May 16, 2006

Der Untergang

Chan eil fada bhon a chunnacas am film "Der Untergang" mu na laithean mu dheireadh aig Hitler. Tha Traudl Junge na sar eisimpleir air te a bha dall gus an deach i tro dhi-Nasachas agus gus am faca i clar-cuimhneachain do Shophie Scholl a rugadh air an aon bhliadhna rithe fhein. Chan ionnan linn Hitler agus linn Bhlair am Breatainn, ach tha samhlaidhean ann. Can an-drasta, nam biomaid a' suidheachadh an fhilm ann am Breatainn an latha an-diugh, cha bhiodh na leanas fada cearr.
Adolf Hitler: Tony Blair
Eva Braun: Cherie Blair
Magda Goebbels: Hazel Blears
Albert Speer: Charles Clark
Heinrich Himmler: John Reid
Baldur von Schirach: David Milliband/Cameron

agus mar sin air aghaidh.

Chan eil na Labaraich Ura faisg a mhile air na Nasaich a thaobh an uilc 's na h-ainghidheachd, ach tha iad air an aon chleas a dheanamh - partaidh a bha onaireach a ghoid airson an agenda aca fhein adhartachadh.

Gum mealadh na Labaraich Ura an naidheachd - tha iad air feallsanachd Margaret Thatcher agus Ronald Reagan a chumail a' dol, agus an latha aca fada fada seachad.

'S i a' cheist, an robh na Labaraich mar a bha iad, mus do nochd Blair, cho falamh 's brisg 's nach robh dad annta a b' fhiach a ghleidheil? Bha iomadach creutair durachdach a' cumail taic ris na Labaraich tro na droch bhliadhnachan, ach de fhuair iad ach:

David Miliband
Ed Miliband
John Reid (manaidsear a' bhanca, 's e ri searmonachadh... a-rithist)
Alasdair Moireasdan (yes, sir!)
Hazel Blears
Tessa Jowell
Gordon Brown (bheil e fhathast ann?)
Harriet Harman

Tha an liosta ro fhada.

Oidhche mhath leibh - chan fhaigh sibh cadal samh agus Thatcherachd fhathast beo fallain.

0 Comments:

Post a Comment

<< Home