Corra Smuain

Beachdan air na tha a' tachairt anns an t-saoghal.

Monday, May 01, 2006

Annas eile

Nach neonach claisneachd mac an duine? An la roimhe bha mi air mo shlighe dhan bhuth nuair a chunna mi Gertie Mhor bhuam (agus Martainn na cois, mar a bhiodh duil!). Dh'eigh mi null, "De do bheo an-diugh, Gertie?". Cha robh mi dol a bheannachadh an la air Martainn an deidh mar a thachair leis an fhear og a bha siud. Co-dhiu, siud mise ag eigheach air Gertie. Gun rabhadh sam bith leig i sgreuch aiste, chuir i lamh ri a suilean 's thoisich i feuchainn ri a falt a spionadh aiste fhein! "Mo chreach a-steach", arsa mise rium fhin, "De tha dol an seo?"

"A thrusdair ghranda a tha thu ann," dh'eigh Martainn, mar gun eistinnsa ri cail a chanadh a leithid. Bha Gertie bhochd an siud a' gal 's a' sgreuchail mar oinseach gun chiall, 's nach do fhliuch i i fhein, bronag.

'S math gun Martainn ann ann an doigh. Thug e dhith a drathais gun fhiosda agus sheatlaig e sios i mus tug e chasan leis. Chaidh mise far an robh i. "Gertie a ghraidh, gu de fon ghrein a thachair an siud?" Bha a h-anail car mi-chinnteach 's i dearg san aodann, ach beag air bheag thainig na facail. (Ged nach tainig ciall!)

Nuair a dh'eigh mise "De do bheo an-diugh, Gertie?", 's e chuala ise ach "Thoir an aire, Gertie, tha faoileag mhor air do cheann 's i feuchainn ri do shuilean a sgrobadh asad!"

'S beag an t-iongnadh gun do ghabh i an t-eagal. Co-dhiu, chaidh sinn sios dhan chafe, 's ghabh sinn da chopan teatha comhla. Le siucar!

0 Comments:

Post a Comment

<< Home