Corra Smuain

Beachdan air na tha a' tachairt anns an t-saoghal.

Monday, May 22, 2006

Trì craobhan agus cat

Nach math gu bheil muinntir Mhontenegro air bhòtadh airson dealachadh ri Seirbia. Saoil am bi de spionnadh anns na h-Albannaich na bhòtas airson neo-eiseimleachd ann an 2007? Droch theansa!

Tuesday, May 16, 2006

Der Untergang

Chan eil fada bhon a chunnacas am film "Der Untergang" mu na laithean mu dheireadh aig Hitler. Tha Traudl Junge na sar eisimpleir air te a bha dall gus an deach i tro dhi-Nasachas agus gus am faca i clar-cuimhneachain do Shophie Scholl a rugadh air an aon bhliadhna rithe fhein. Chan ionnan linn Hitler agus linn Bhlair am Breatainn, ach tha samhlaidhean ann. Can an-drasta, nam biomaid a' suidheachadh an fhilm ann am Breatainn an latha an-diugh, cha bhiodh na leanas fada cearr.
Adolf Hitler: Tony Blair
Eva Braun: Cherie Blair
Magda Goebbels: Hazel Blears
Albert Speer: Charles Clark
Heinrich Himmler: John Reid
Baldur von Schirach: David Milliband/Cameron

agus mar sin air aghaidh.

Chan eil na Labaraich Ura faisg a mhile air na Nasaich a thaobh an uilc 's na h-ainghidheachd, ach tha iad air an aon chleas a dheanamh - partaidh a bha onaireach a ghoid airson an agenda aca fhein adhartachadh.

Gum mealadh na Labaraich Ura an naidheachd - tha iad air feallsanachd Margaret Thatcher agus Ronald Reagan a chumail a' dol, agus an latha aca fada fada seachad.

'S i a' cheist, an robh na Labaraich mar a bha iad, mus do nochd Blair, cho falamh 's brisg 's nach robh dad annta a b' fhiach a ghleidheil? Bha iomadach creutair durachdach a' cumail taic ris na Labaraich tro na droch bhliadhnachan, ach de fhuair iad ach:

David Miliband
Ed Miliband
John Reid (manaidsear a' bhanca, 's e ri searmonachadh... a-rithist)
Alasdair Moireasdan (yes, sir!)
Hazel Blears
Tessa Jowell
Gordon Brown (bheil e fhathast ann?)
Harriet Harman

Tha an liosta ro fhada.

Oidhche mhath leibh - chan fhaigh sibh cadal samh agus Thatcherachd fhathast beo fallain.

Tuesday, May 09, 2006

Corra Smuain

Corra Smuain

Oran no dha

Seo dha dhe na h-orain as fhearr leam fhin ged nach cordadh iad ris an t-seann fheadhainn as abhaist a bhith ag iathadh mun Mhod.

Nan ceadaicheadh an tide dhomh
Na-na-na-na-na-nan ciodaidh-cadaidh-ceadaicheadh an tide dhomh
'S gun innsinn e do chach
Mior-a-mear-a-mar a mheall an saoghal mi
Le fini-faoineasan gun sta...

Siud mar chaidh an cal a dholaidh
Seo mar chaidh an cal a dholaidh
Siud mar chaidh an cal a dholaidh
Aig na bodaich a bha jolly
Siud mar chaidh an cal a dholaidh
Aig na bodaich Ghallda...

'S fhearr leamsa a' chiad oran air a ghabhail le Bonny Tyler air a' chlar fhada aice "Siursach thursach" ach chan eil duine beo no marbh a b' fhearr a ghabhadh an dara fear na Bobby Crush air a' phiana bhinn aige.

De ur barail fhein?

Monday, May 01, 2006

Annas eile

Nach neonach claisneachd mac an duine? An la roimhe bha mi air mo shlighe dhan bhuth nuair a chunna mi Gertie Mhor bhuam (agus Martainn na cois, mar a bhiodh duil!). Dh'eigh mi null, "De do bheo an-diugh, Gertie?". Cha robh mi dol a bheannachadh an la air Martainn an deidh mar a thachair leis an fhear og a bha siud. Co-dhiu, siud mise ag eigheach air Gertie. Gun rabhadh sam bith leig i sgreuch aiste, chuir i lamh ri a suilean 's thoisich i feuchainn ri a falt a spionadh aiste fhein! "Mo chreach a-steach", arsa mise rium fhin, "De tha dol an seo?"

"A thrusdair ghranda a tha thu ann," dh'eigh Martainn, mar gun eistinnsa ri cail a chanadh a leithid. Bha Gertie bhochd an siud a' gal 's a' sgreuchail mar oinseach gun chiall, 's nach do fhliuch i i fhein, bronag.

'S math gun Martainn ann ann an doigh. Thug e dhith a drathais gun fhiosda agus sheatlaig e sios i mus tug e chasan leis. Chaidh mise far an robh i. "Gertie a ghraidh, gu de fon ghrein a thachair an siud?" Bha a h-anail car mi-chinnteach 's i dearg san aodann, ach beag air bheag thainig na facail. (Ged nach tainig ciall!)

Nuair a dh'eigh mise "De do bheo an-diugh, Gertie?", 's e chuala ise ach "Thoir an aire, Gertie, tha faoileag mhor air do cheann 's i feuchainn ri do shuilean a sgrobadh asad!"

'S beag an t-iongnadh gun do ghabh i an t-eagal. Co-dhiu, chaidh sinn sios dhan chafe, 's ghabh sinn da chopan teatha comhla. Le siucar!

Sunday, April 30, 2006

'S math an airidh

Nach math an airidh mar a dh'eirich dha na Labaraich ann am Moireibh air an t-seachdain sa chaidh. Bha cartun a' sior nochdadh ann am paipearan taobh an ear na Gearmailt beagan mus do thuit Balla Bherlin: Fear as a' Ghearmailt an Ear a' gabhail na greine ann am pairc nuair a thainig seann choimiunach eile far an robh e, cota, stoc air 's sgail-uisge os a chionn. Arsa am fear og, "Nach e tha breagha an-diugh." "De tha thu ag radh," arsa an dara fear 's uabhas air, "An e nach cuala tu g' eil e a' cur an uisge am Mosco?".

An duil an tig an la nuair a chi McConnell nach leig an t-uisge leas a bhith ann fad an t-siubhail anns an duthaich tha seo?